Còmhghallaich a' càineadh na comhairle

Caisteal an Toll Àird
Image caption Dhiùlt a' Chomhairle tairgse na coimhearsnachd ri linn 's nach robh e faisg air luach a' chaisteil.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' faighinn an càineadh an dèidh dhaibh Caisteal an Toll Àird a chur air a' mhargaidh fhosgailte, 's iad ag iarraidh £1.75m air.

Tha muinntir Chòmhghaill a Deas air a bhith a' feuchainn grunn bhliadhnaichean ris a cheannach don choimhearsnachd, 's iad am beachd goireas coimhearsnachd a dhèanamh dheth, a chruthaicheadh obraichean san sgìre.

Bha iad a' cumail a-mach ge-tà, gun robh an £1.75m bha a' Chomhairle ag iarraidh air, cus, agus nach fhaigheadh iad air an t-airgead sin a phàigheadh.

Thabhainn a' choimhearnsachd £865,000 air.

Maoin Phoblach

Ach aig coinneimh den Chomhairle sa Ghearran, dhiùlt a' Chomhairle sin, 's iad ag ràdh gun robh e na b' ìsle na luach an togalaich.

A-niste agus a' Chomhairle air an caisteal a chur air a' mhargaidh fhosgailte, tha Cathraiche companaidh leasachaidh na coimhearsnachd, Ailean Stiùbhart, ag ràdh gum faodadh e airgead mòr a chosg don Chomhairle san ùine fhada.

"Dh'fhaodadh sinne a bhith air £865,000 a thoirt dhaibh, agus £800 san là a shàbhaladh dhaibh ann an cosgaisean tèarainteachd is glèidhidh," thuirt e.

"Leanaidh na cosgaisean orra gus an lorg iad cuideigin a cheannaicheas an togalach - agus dh'fhaodadh sin ùine mhòr mhòr a thoirt.

"Tha dà rud a dh'fhaodadh tachairt agus a chuireadh dragh air a' choimhearsnachd.

"'S e a' chiad rud, gun tèid a dhèanamh na làrach charabhan, 's nach fhaigh muinntir na sgìre cothrom air tuilleadh.

"'S e an dàrna rud - a tha nas miosa - 's e, seach gun cosg e 's dòcha suas ri £6m an togalach a dhèanamh suas, tha cunnart mòr ann gum fàgar an togalach chun na h-ìre 's nach gabh a leasachadh, 's gun tèid a thrèigsinn.

"Tha eachdraidh mhòr uabhasach an cois a' chaisteil, agus 's e cùis thruaighe dha-rìribh a bhiodh ann nan cailleamaid sin dìreach ri linn dìth lèirsinn na Comhairle," thuirt e.

Tha a' choimhearsnachd feargach nach tug a' Chomhairle feart do na buannachdan sòisealta a thigeadh a-mach às an oidhirp aca an caisteal a cheannach, a dh'aindeoin 's gun robh iad a' tabhainn gu math nas lugha na bha a' Chomhairle ag iarraidh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-tà, gu bheil dleastanas laghail orrasan luach margaidh a' chaisteil fhaighinn, ri linn 's gur e airgead poblach a th' aca an sàs ann.