Obair chidhe Ulapuil a' tòiseachadh

Tòisichidh obair aig cidhe Ulapuil Diluain airson alt-aiseig ùr a chur a-steach.

Tha seo a' ciallachadh gum bi am port dùinte do charbadan airson ceithir seachdainnean.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air seirbheisean aiseig eadar-amail a chur air dòigh fhad 's a tha an obair a' leantainn, le seòlaidhean eadar Steòrnabhagh agus Ùige san Eilean Sgitheanach airson chàraichean agus charbadan bathair.

Bidh cuideachd dà sheòladh san là eadar Steòrnabhagh agus Ulapul airson luchd-coiseachd a-mhàin.