Iarrtas air barrachd smachd air geòidh

Geòidh ghlasa
Image caption Tha croitearan is tuathanaich air a bhith a' gearain o chionn ùine air a' chron a tha na geòidh a' dèanamh air an cuid fearainn.

Iarraidh fear de Bhuill-Phàrlamaid na h-Alba air an Riaghaltas tòrr a bharrachd a dhèanamh airson smachd a chumail air àireamh nan gèadh ann an coimhearsachdan croitearachd.

Sgrìobhaidh Rob Gibson, a tha na fhear-gairm air Comataidh nan Gnothaichean Dùthchail, chun an Riaghaltais às dèidh dhan Chomataidh ath-chuinge fhaighinn bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba.

Thuirt Mgr Gibson gum feumar sealltainn air dè eile a ghabhas dèanamh airson àireamh nan eun a lùghdachadh, mar eisimpleir le a bhith a' leudachadh nan amannan a dh'fhaodas daoine a bhith gan spadadh.

Tha croitearan is tuathanaich air a bhith a' gearain air a' chron a tha na geòidh, a tha fada nas pailte na b' àbhaist, a' dèanamh air an cuid fearainn o chionn ùine.