Sgafallachd ga cur mu thogalach an teine
- Air fhoillseachadh
Tha sgafallachd ga cur an-àirde mu sheann togalach na h-Acadamaidh Rìoghail ann am meadhan Inbhir Nis, an dèidh mar a rinn teine sgrios air an t-seachdain seo chaidh.
Mhill an teine uachdar an togalaich - a chaidh a thogail san 18mh Linn - oidhche Chiadain seo chaidh.
Tha e air na ballachan a dhèanamh cugallach, agus tha sgafallachd a-niste ga cur an-àirde ris, gus an cumail nan seasamh.
Bha suas ri 50 smàladair an sàs ann a bhith a' mùchadh an teine, agus bha sgiobannan an làthair thar deireadh na seachdaine, ri linn 's gun robh e a' gabhail a-rithist bho àm gu àm.
Cha tèid aca air a dhol am broinn an togalaich fhathast, ri linn dragh mu cho seasmhach 's a tha na ballachan.
Tha an dà chuid Sràid na h-Acadamaidh agus Geata na Bànrighinn fhathast dùinte do charbadan.
Bha dùil gur dòcha gum biodh na sràidean sin fosgailte Diluain, ach tha coltas ann a-niste gum bi iad dùinte beagan làithean fhathast.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 16 An Giblean 2015