Muinntir Bharraigh gun phàipearan-naidheachd
- Published
Tha còrr is seachdain ann bho fhuair muinntir Bharraigh pàipearan-naidheachd, 's cion àite air na plèanaichean eadar an t-eilean agus Tìr-Mòr.
Thàinig air cuid de luchd-siubhail na bagaichean aca fhàgail às an dèidh leis gun robh uimhir de dhaoine airson siubhail.
Thuirt fear de chomhairlichean an eilein, Dòmhnall Manford, gu bheil aig Loganair, a tha a' ruith na seirbheis, ri cothromachadh a dhèanamh eadar a bhith a' giùlain tuilleadh dhaoine neo bathar a thoirt leotha.
"Ma thèid a ràdh riutha gu bheil uimhir seo de chuideam aca 's nach urrainn dhaibh a dhol os a chionn, feumaidh iad rudeigin a thoirt dheth", thuirt e.
Tha seo air a bhith na dhuilgheadas gu h-àraidh, thuirt e, bho chaidh cur às dhan cheangal adhair eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla.
Adhbhar toileachais
Thuirt Mgr Manford gu bheil e toilichte gu bheil uimhir de dh'fhèill air na seirbheisean adhair, 's tòrr dhaoine airson siubhail a Bharraigh.
Bha moladh aige cuideachd do Loganair, 's e ag ràdh gu bheil iad a' cur air dòigh tuilleadh sheirbheisean na dh'fheumas iad fon chùmhnant a th' aca.
Tha dùil ri fuasgladh ceart nuair a thig cùmhnant ùr nan seirbheisean adhair a-steach nas fhaide den bhliadhna.