Uard dùinte an Ospadal an Ràthaig Mhòir

Chaidh uard meadaigeach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh air sgàth Noro-Bhìorais.

Tha triùir euslainteach ann an uard 2C a' fulaing leis a' ghalar.

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine fuireach air falbh bhon ospadal ma tha iad fhèin, neo cuideigin a bha a' fuireach còmhla riutha, air a bhith a' dìobhairt neo leis a' bhuinneach anns an dà là mu dheireadh.

Tha iad a' moladh do dhaoine anns a' choimhearsnachd air a bheil Noro-Bhìoras fuireach a-staigh, pailteas uisge òl agus an làmhan a nighe tric gus nach sgap an galar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile