Dreach ùr

Chan fhaca sinn manifesto mar sin bhon SNP roimhe.

Thar nam bliadhna, bu doirbh do na nàiseantaich èisteachd fhaighinn aig àm an taghaidh choithchinn agus aire an t-sluaigh air an roghainn eadar an dà phàrtaidh as motha.

Ach an turas-sa tha an SNP ag amas air sin a dhèanamh.

Tha na cunntasan-bheachd air a bhith a' seinn an dearbh fhuinn fad mhìosan a-nis agus iad a' sealtainn gu faodadh an SNP buaidh mhòr a thoirt air an riaghaltas ùr às dèidh an taghaidh.

Mar sin, an-diugh mhìnich Nicola Sturgeon dè a dhèanadh am pàrtaidh nam biodh an cothrom sin aca.

Agus, air dòigh nach d'rinn Ailig Salmond a-riamh, bhruidhinn i ri daoine ann an Alba agus anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte cuideachd.

Adhartach

Anns a' mhanifesto agus air an àrd-ùrlar chum am prìomh mhinistear a-mach nach ann mu dheidhinn neo-eisimeileachd a bha an taghadh seo.

An àite sin, thuirt i gun toireadh buidheann mhòr nàiseantach guth nas treasa do dh'Alba aig Westminster na bha aice a-riamh.

Don fheadhainn a bha ag èisteachd aig Deas, thuirt Ms Sturgeon gun obraicheadh an SNP airson pholasaidhean na b' adhartaiche don Rìoghachd Aonaichte gu lèir.

Mar sin, gheall i taic airson 100,000 taighean ùra air feadh Bhreatainn, bun-thuarasdal de £8.70 ro dheireadh na h-ath-phàrlamaid agus àrdachadh cosgais an riaghaltais de 0.5% gach bliadhna.

Ged a b' àbhaist don SNP bhòtadh a sheachnadh air cùisean a bhuineadh do Shasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, tha Nicola Sturgeon air a' chleachdadh sin a chur don darna taobh.

A-nis, ma gheibh iad taic gu leòr ann an Alba, cleachdaidh iad i gus làmh a chur air stiùir na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Eagal

Tha cainnt nan Tòraidhean air fas nas treasa an-diugh agus iad a' feuchainn ris an eagal a chur air daoine mu riaghaltas Làbarach a chrochadh air taic an SNP.

Beagan mhìosan o fhuair Dàibhidh Camshron moladh airson an t-Aonadh a ghlèidheadh, dh'fhaodadh bhòt nan Albannach a ghlasadh a-mach à Aireamh a Deich.

Ron reifreann an-uiridh bha cuid an dùil agus an dòchas gun tuiteadh an SNP a-mach às a' chèile às dèidh a' bhòt a chall.

Ach an àite sin, tha ballrachd a' phàrtaidh air a dhol bho 25,000 gu còrr is 105,000.

Ma tha Alba gus fuireachd anns an Rìoghachd Aonaichte, is coltach gun do chuir cuid romhpa gur e rìoghachd nas Albannaich a bhios innte.

Cha b' e sin am plana - tha dreach gu math eadar-dhealaichte air cùisean as t-Earrach na bha as t-Fhoghar.