Niseag air Google Street View
- Air fhoillseachadh

Faodaidh daoine a tha beò-ghlaichte le uile-bhèist Loch Nis coimhead air a son air Google Street View.
Leigidh an làrach-lìn le daoine coimhead airson Niseag bho dhiofar àitichean air bruthaichean an locha.
Tha an naidheachd ga foillseachadh air an aon là 's a chaidh dealbh fuadain ainmeil a thogail le lìghiche ann an 1934, is Visitscotland den bheachd gum faodadh luach eaconamach tighinn às.
Bidh na ceudan mhìltean dhaoine a' siubhail gu Loch Nis gach bliadhna, 's iad a' feuchainn ri sealladh fhaighinn air Niseag.
Sheall rannsachadh o chionn 20 bliadhna gu bheil tarraing na h-uile-bhèist a' cuir £40m ri eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna.
Tha an loch aithnichte feadh an t-saoghail chan e a-mhàin air sgàth Niseig ach airson àilleachd na sgìre cuideachd.
Bho Dhimàirt na seachdain seo bidh e comasach coimhead air diofar phàirtean den loch, agus dùil ann gum bi mòran a' dèanamh mion-sgrùdaidh air gach tonn 'son earbal fada na h-uile-bhèist fhaicinn.