A87 feumach air càradh
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr comhairliche Sgitheanach gun deadh airgead a chur an dàrna taobh airson prìomh rathad an eilein a chàradh, leis gu bheil seirbheis aiseig chàraichean gu Steòrnabhagh an-dràsta a' falbh às Ùige.
Tha Hamish Friseal ag ràdh gu bheil an A87 mar thà ann an droch staid agus gun tèid tuilleadh millidh a dhèanamh air ri linn trafaig a bharrachd.
"Dh'fheumadh an Riaghaltas a bhith a' toirt sùil gu math mionaideach air seo," thuirt e.
"'S e rud a th' ann a dh'fheumas barrachd airgid a bhith air a thilgeil air na rathaidean a tha sin, 's dòcha aig an ìre seo fhèin, airson tòiseachadh air a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na tuill a th' ann air an càradh gus nach tèid iad nas miosa ma tha trafaig nas truime air an rathad.
"Agus às dèidh seo a bhith ullamh, a bhith a' toirt sùil gu math mionaideach air dè an t-airgead a th' aca, is dè an t-airgead a chuireas iad taic ris, airson an rathad a chàradh às dèidh sin?" thuirt e.
Thuirt Còmhdhail Alba gun cleachd càraichean a bharrachd rathad an Eilein Sgitheanaich ach gu bheil an obair ga dèanamh an-dràsta gus làithean-saora na Caisge is an t-Samhraidh a sheachnadh.
Thuirt iad nach eil iad an dùil gum bi an rathad cus nas trainge na an àbhaist a thaobh figearan na bliadhna uile gu lèir.
Thuirt iad cuideachd gun deach ullachadh a dhèanamh ro-làimhe is gu bheil iad daonnan a' cumail sùil ghèir air staid nan rathaidean is gan càradh cho sgiobalta 's a ghabhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Giblean 2015