MV Isle of Lewis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cidhe Ulapuil ga leasachadh

21 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich obair-leasachaidh aig cidhe Ulapuil Diluain agus am port gu bhith dùinte do charbadan fad ceithir seachdainnean.

Tha seribheis eadar-amail air a chur air dòigh fhad 's tha an obair a' dol, le seòlaidhean eadar Steòrnabhagh agus Ùige an Eilein Sgitheanaich airson chàraichean agus charbadan bathair.

Tha cuideachd dà sheòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul airson luchd-coiseachd a-mhàin.

Tha Ruairidh Rothach ag aithris.