Dragh mu sgeama ghaoithe Allt Duine

Tuath-gaoithe Image copyright PA
Image caption Bhiodh 31 chrann anns an sgeama, a bhiodh RWE Innogy a' leasachadh.

Tha feadhainn a tha ag iomairt an aghaidh tuath-gaoithe mhòir anns a' Mhonadh Liath draghail gu bheil Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt dhan sgeama.

Bha a' bhuidheann Sàbhail Beanntan a' Mhonaidh Lèith a' bruidhinn is a' chompanaidh Scottish and Southern air co-chomhairleachadh ochd seachdainnean a chur air bhog mu na planaichean aca gus an griod a leasachadh, gus cumhachd fhaighinn bhon phròiseict Allt Duine.

Bhiodh 31 chrann ann an sgeama Allt Duine aig RWE Innogy.

Chaidh rannsachadh poblach a dhèanamh air an sgeama agus tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ris a-nis.

Tha Sàbhail Beanntan a' Mhonaidh Lèith air sgrìobhadh gu OFGEM is iad draghail gu bheil Scottish and Southern air a' cho-chomhairleachadh air obair a' ghriod a chur air bhonn an-dràsta.

Tha iad a' faighneachd an e dearbhadh a tha seo gu bheil an Riaghaltas air a thighinn gu co-dhùnadh mun sgeama mu thràth.

Thuirt iad gu bheil iad ag iarraidh air OFGEM faighinn a-mach a bheil roinn ceadachaidh cumhachd an Riaghaltais air fiosrachadh a thoirt seachad mu dè an co-dhùnadh a tha an Riaghaltas dualtach a ruighinn agus dè an clàr-ama a bhiodh aig an sgeama nam faigheadh e cead.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast.