Uard eile dùinte aig an Ràthaig Mhòr

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Tha trì uardan a-nise dùinte do dh'euslaintich ùra.

Chaidh an treas uard a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis agus Noro-Bhìoras ma sgaoil.

Thàinig air Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd mar thà uardan a 2C agus 7C a dhùnadh do dh'euslaintich ùra is 26 duine a' fulang leis a' ghalar.

Dhearbh am Bòrd-Slàinte gu bheil Uard 5C cuideachd a-nise dùinte do dh'euslaintich ùra is comharraidhean Noro-Bhìorais air nochdadh ann.

Dh'iarr iad air daoine gun tadhal air na uardan idir idir ach ma tha e fìor dheatamach.

Bu chòir dhaibh fònadh dhan ospadal an toiseach ma tha iad den bheachd gum feum iad tadhal air na uardan.

Dh'iarr am Bòrd Slàinte cuideachd air daoine fuireach air falbh bhon ospadal ma tha iad fhèin, neo cuideigin a bha a' fuireach còmhla riutha, air a bhith a' dìobhairt neo leis a' bhuinnich anns an dà là mu dheireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile