Leasachadh air fàire sa Ghearradh Chruaidh
- Published
Tha Urras Steòrnabhaigh air ceadan iarraidh 'son pròiseact leasachaidh sa Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.
Tha luach còrr 's £5m uile gu lèir sa phròiseact agus tha an t-Urras a' feitheamh fios air iarrtas 'son taic-airgid.
"'S e seo pròiseact eadar-dhealaichte seach pròiseact a' Chaisteil, ach tha e a' ceangal a-steach ris an obair a tha a' dol air adhart air a' Chaisteal," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.
"Tha e a' coimhead ris an talamh, na gàraidhean, na leasan, na togalaichean agus am balla a tha timcheall air a' bhàgh sìos bhon Chaisteal, feuch dè mar a ghabhas sin a bhith air a leasachadh.
"Tha am pròiseact a tha seo a' coimhead gu mòr ri daoine a' dèanamh feum de ghoireas.
"'S e goireas air leth a th' anns a' Ghearradh Chruaidh, agus chan e a-mhàin gu bheil daoine a' dèanamh feum dheth, ach measgachadh de chleachdaidhean.
"Tha sin a' gabhail a-steach daoine a bhith a' coiseachd, daoine a bhith a' dol a-mach a choimhead ris an àrainneachd, a' gabhail pàirt ann an spòrs, agus rudan den t-seòrsa sin.
"Agus airson sin a dhèanamh, tha sinn a' coimhead 's an dòchas gun tig taic-airgid a-nis gus an urrainn dhuinn tòiseachadh a' coimhead ri pàirt dheth sin, a' togail air na pròiseactan a th' air a bhith a' dol anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, agus a' ceangail a-steach ris an obair a tha a' dol air adhart an-dràsta sa Chaisteal," thuirt e.
Cuideachd mar phàirt den phròiseact, thathas a' sùileachadh cothroman-obrach do dhaoine a bhios a' coimhead às dèidh a' Ghearraidh Chruaidh.
"Tha sin gu mòr na phàirt dheth, agus bidh na daoine againn leis na sgilean, an t-eòlas, agus chan e sin a-mhàin ach gus an urrainn dhuinn dearbhadh dhan fheadhainn a tha a' toirt seachad an airgid gu bheil na comasan sin ann, gum bi iad ann, agus leis gu bheil an t-Urras a' tighinn a-steach air a bhith 100 bliadhna de dh'aois, tha sinn an dòchas gum bi e ann an staid chomasach airson iarrtasan an là a choileanadh, agus gum faic daoine a' bhuannachd a thig o a bhith a' cumail smachd air an fhearann aca fhèin," thuirt e.