Eachdraidh nan Comandothan ga sàbhaladh
- Air fhoillseachadh
Chaidh cruinneachadh eachdraidheil co-cheangailte ri Comandothan an Dàrna Cogaidh a shàbhaladh bho theine aig taigh-òsta ann an Loch Abar.
Chaidh sgiobannan a ghairm gu Taigh-òsta Drochaid an Aonachain feasgar Dimàirt mu 3:30f, bhon Ghearasdan, à Cille Chuimein, Ceann Loch Lìobhainn, agus Peairt.
Chuir iad às don teine a bha air gabhail ann am mullach an togalaich, os cionn taigh-bìdhe, mus do ràinig e Bàr nan Comandothan, far a bheil an cruinneachadh ga thaisbeanadh.
Rinn an teine milleadh air a' mhullach, agus air cuid de sheòmraichean leapa an taigh-òsta.
'S ann san sgìre mu Dhrochaid an Aonachain a chaidh comandothan à Breatainn, na Stàitean Aonaichte, on Fhraing, an Òlaind, Nirribhidh, Teicheaslobhagaidha, a' Phòlainn agus on Bheilg a thrèanadh anns an Dàrna Cogaidh.
Thuirt Pat McElhinney, bho Sheirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba: "Bu mhath leam moladh a dhèanamh air na sgiobannan, a dh'obraich gu math sgiobalta gus stad a chur air an teine seo bho bhith a' sgapadh dad nas fhaide a dh'ionnsaigh a' bhàr, far a bheil an cruinneachadh luachmhor ga chumail.
"Chuir na smàladairean uisge gu math luath air an teine, agus shàbhail an cuid obrach goireas cudromach don choimhearsnachd, a thuilleadh air gnìomhachas cudromach."
Thuirt manaidsear an taigh-òsta, Beth Sessions: "Gu fortannach, cha tug an teine no an toit buaidh sam bith air Bàr nan Comandothan, agus bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Sheirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba airson cho luath 's a dhèilig iad ris an teine, a leigeas leinn cumail a' dol leis a' ghnìomhachas.
"Tha sinn cho toilichte nach deach milleadh sam bith a dhèanamh air gin de na nithean sa chruinneachadh", thuirt i.