Còmhraidhean ùra HIAL
- Air fhoillseachadh

Tha oidhirp às ùr a' dol Diciadain rèite a ruighinn san eas-aonta eadar Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus luchd-obrach tèarainteachd.
Chaidh an luchd-obrach air stailc dà là na bu tràithe air a' mhìos is iad mì-thoilichte le ìrean pàighidh agus modhan-obrach.
Dh'fhàg an stailc gun deach Port-Adhair Dhùn Dè a dhùnadh ach bha puirt-adhair eile na companaidh - Barraigh, Beinn nam Fadhla, Ìle, Inbhir Nis, Steòrnabhagh is Tiriodh nam measg - fosgailte.
Tairgse sgrìobhte
Thill HIAL bhon uair sin le tairgse sgrìobhte ùr air am bi an t-aonadh Prospect a' meòrachadh Diciadain.
Thuirt Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gun robh e a-riamh nam beachd dèiligeadh ri draghan an luchd-obrach ach thuirt e nach b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh fhad 's a bha iad a' maoidheadh a dhol air stailc.
Bha an t-aonadh air rabhadh a thoirt gum faodadh tuilleadh stailcean a bhith ann mura tigeadh rèite.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 An Giblean 2015