"Tha an SFA ceàrr" - Àrd-Oifigear FIFA

Josh Meekings is Leigh Griffiths Image copyright SNS
Image caption Tha an SFA a' fàgail air Josh Meekings gun do chleachd e a làmh a dh'aonta-ghnothaich.

Thuirt ceannard nan rèitirean aig FIFA gu bheil an SFA ceàrr ann a bhith a' feuchainn ri peanas a chur air cluicheadair 'son rudeigin a chaill an rèitire san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba Didòmhnaich.

Dh'innis an SFA an-dè gun robh iad air casaid a chur às leth Josh Meekings aig Caley Thistle 'son stad a chur air a' bhall leis a làimh sa gheama an aghaidh Celtic.

Cha do mhothaich an rèitire na thachair is bhuannaich sgioba Inbhir Nis an geama 3-2 air a' cheann thall.

Dhiùlt Caley Thistle gabhail ri casg 1 gheama air Meekings, a bhiodh air a chur a-mach às a' chuairt dheireannaich, is gheall iad dìon làidir a chur air.

Taic

Tha iad air taic fhaighinn a-nise bho cheannard nan rèitirean aig buidheann riaghlaidh eadar-nàiseanta a' bhuill-coise, Jim Boyce.

Thuirt Mgr Boyce gu bheil an SFA air mearachd a dhèanamh a dh'fhaodadh "eisimpleir glè chunnartach" a stèidheachadh.

A rèir Mhgr Bhoyce, ma tha peanas sam bith gus a bhith ann, 's ann air na h-oifigearan aig a' gheama a bu chòir dha a dhol.

"Tha mi 100% an aghaidh oifigear-smachdachaidh a dhol an sàs san t-suidheachadh seo, 's ann aig an rèitire a tha am facal mu dheireadh", thuirt Mgr Boyce.

"Tha e diofraichte ma bha cuideigin ri foirneart is gu bheil rèitire air a chall.

Peanas

"An rud a thachair seo ge-tà, chaill an rèitire gun do chleachd cuideigin a làmh is sin deireadh a' ghnothaich. Chan eil dòigh sam bith gum bu chòir peanas a dhol air a' chluicheadair a-nise.

"Cò tha ag ràdh co-dhiù bha e airson a làmh a chleachdadh? Ma tha an SFA den bheachd gun do rinn an rèitire droch mhearachd dh'fhaodadh iad an rèitire fhèin a smachdachadh.

"Tuigidh mi gu bheil Celtic goirt mu dheidhinn oir tha iad den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn, ach tachraidh na rudan seo aig gach ìre de bhall-choise gach seachdain", thuirt e.

Thuirt seann oifigear-smachdachaidh an SFA, Vincent Lunny, na bu thràithe gu bheil casg air Meekings a rèir nan riaghailtean a th' ann.

Càirt dhearg

Cha deach an lagh a chleachdadh san dòigh seo roimhe ach thuirt Mgr Lunny gu bheil iad a' bualadh air suidheachadh sam bith nuair a bha còir aig cluicheadair càirt dhearg fhaighinn ach a chaill an rèitire.

Thuirt Mgr Lunny nach bu chòir iongadh sam bith a bhith air Meekings gun robh na h-ùghdarrasan air a dhol an sàs.

Tha e cuideachd air tighinn am bàrr gun cuir an SFA litir gu Celtic ag aideachadh gun do rinn na h-oifigearan mearachd air là a' gheama.

Bidh èisdeachd smachdachaidh mun ghnothach ann Diardaoin.