BBC Naidheachdan

An A85 dùinte

Published
Tha rathad an A85 ann an Earra-Ghàidheal dùinte às dèidh droch thubaiste faisg air Taigh an Uillt.
Chaidh fios air na seirbheisean-èiginn goirid ro 11:45m.
Chaidh an rathad a dhùnadh gach slighe eadar an t-Òban is Taigh an Droma.
Tha na Poilis a' stiùireadh trafaig gus an tèid slighe eile a chomharrachadh do dhràibhearan.