Fuasgladh air fàire aig HIAL
- Air fhoillseachadh
Tha e coltach gu bheil eas-aonta eadar Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus luchd-obrach tèarainteachd gu bhith air a rèiteach.
Chaidh an luchd-obrach air stailc dà là na bu tràithe air a' mhìos is iad mì-thoilichte le ìrean pàighidh agus modhan-obrach.
Dh'fhàg an stailc gun deach Port-Adhair Dhùn Dè a dhùnadh ach bha puirt-adhair eile na companaidh - Barraigh, Beinn nam Fadhla, Ìle, Inbhir Nis, Steòrnabhagh is Tiriodh nam measg - fosgailte.
Chuir HIAL tairgse sgrìobhte ùr dhan aonadh Prospect agus às dèidh chòmhraidhean Diciadain tha an t-aonadh a' moladh gun gabh na buill aca ris.
Aonta
Thuirt iad fon tairgse gum faigheadh an luchd-obrach tèarainteachd an dearbh aonta 's a th' aig luchd-obrach eile a thaobh làithean-saora, tuarastal nuair a tha iad dheth tinn, agus sioftaichean.
Dh'aontaich Prospect an iarrtas 'son àrdachadh pàighidh 5% a chur an dàrna taobh.
Thurt HIAL gu bheil iad toilichte gun robh an dà thaobh air obrachadh còmhla gus aonta a ruighinn.
Thèid na molaidhean a-nise gu bhòt am measg ballrachd an aonaidh is Prospect a' moladh gun tèid taic a chur riutha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 An Giblean 2015