£1m eile ga iarraidh dhan Fhadhail a Deas

An Fhadhail a Deas Image copyright Mary and Angus Hogg / GEOGRAPH
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' beachdachadh o chionn beagan bhliadhnaichean air an dòigh as fheàrr an Fhadhail a Deas a dhìon.

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar £1m a bharrachd iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba airson fosgladh eile a chur ann an cabhsair na Fadhla a Deas ann an Uibhist.

Thathas air a bhith a' beachdachadh air obair-leasachaidh air a' chabhsair bho stoirm uabhasach le call beatha ann an 2005.

Fhuair aithisg a rinneadh às dèidh na stoirme gum bu chòir cothrom a bhith aig a' mhuir tighinn a-mach 's a-steach gun bhacadh.

Cho-dhùin Comataidh na Còmhdail is a' Bhun-Structair an t-seachdain seo chaidh a dhol air adhart le leasachadh £2m gus obair a dhèanamh air coileagan air Eilean a' Ghualainn is ann am Beinn nam Fadhla.

Chuir an co-dhùnadh sin fearg air muinntir na sgìre ge-tà, is iad ag ràdh gur e fosgladh eile sa chabhsair a tha a dhìth.

Bha Dàibhidh Mac a' Phearsain, a chaill a mhac agus a dhithis oghaichean san stoirm ann an 2005, am measg na thog dragh.

FAI

Thuirt Mgr Mac a' Phearsain, a tha ag iarraidh gun tèid rannsachadh tubaist bhàsmhoir a chumail air tubaist 2005, gur e beàrn eile a bha na daoine ag iarraidh seach obair aig an ìre seo air Eilean a' Ghualainn.

Tha an Làn-Chomhairle a-nise air aontachadh gun iarr iad £1m a bharrachd gus fosgladh ùr a chur ris a' chabhsair.

"Tha sinn a' dol a choinneachadh ri Stòras Uibhist agus feadhainn eile aig a bheil ùidh anns a' chabhsair a tha seo o chionn is gu bheil iad den bheachd gum feumte briseadh eile a dhèanamh air gus am faigh am muir a-mach troimhe", thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdail is a' Bhun-Structair, Iain MacAoidh.

"Tha iad den bheachd gur dòcha nach eil e cho builleach sàbhailte an-dràsta leis an aon fhosgladh ann. Tha iad ag iarraidh gun tèid fhosgladh ann an àite eile.

"Bha iad a' dol a thogail an àirde Eilein a' Ghualainn airson is gun dèanadh e fasgadh ach tha feadhainn shìos ann an Uibhist den bheachd nach biodh sin uabhasach fàbharach o chionn agus gur dòcha gun tigeadh stoirm eile is gum falbhadh e a-rithist,

"S e sin as coireach gu bheil sinn a' dol a dh'fheuchainn gum faigh sinn airgead 'son seo a neartachadh", thuirt e.

Iarrtas

Dh'innis Mgr MacAoidh gum feum a' Chomhairle iarrtas 'son an airgid a dhèanamh ron 4mh den Chèitean is gum bi coinneamh aca ann an Uibhist cho luath 's a ghabhas gus an t-iarrtas a dheasbad.

Thuirt e nach robh am fiosrachadh gu lèir aig Comataidh na Còmhdail is a' Bhun-Structair an t-seachdain seo chaidh is gur e sin a bu choireach gun do thill iad dhan chuspair a-rithist, seach am mì-thoileachas a nochd às dèidh làimh mun cho-dhùnadh a rinn iad.

Tha e dòchasach gum faigh iad an t-airgead a bhios a dhìth, ged a dh'aidich e gur dòcha gun toir e "bliadhnaichean" an obair a dhèanamh.

"Tha dòchas againn gu bheil airgead air a chur air leth 'son rudan dhan t-seòrsa seo. 'S e seo mar a chanadh iad "cùis shònraichte". Chaidh beatha dhaoine a chall ann a' sheo agus feumaidh sinn cuimhneachadh air sin.

"Nam bheachd-sa, tha e ro fhada is cha deach càil a dhèanamh mu dheidhinn. Tha 10 bliadhna bho thachair seo agus feumaidh sinn cuimhneachadh air na daoine sin a chaill an cuid agus feumaidh sinn coimhead air dè as urrainn dhuinn a dhèanamh dhaibh", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile