Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-imrich

Bidh ceannardan an Aonaidh Eòrpaich aig coinneimh èiginn anns a' Bhruiseil feasgar a' deasbad ciamar a chuireas iad smachd air luchd-imrich às Afraga a tha a' call agus a' cur am beatha ann an cunnart a' feuchainn ri fhaighinn tarsainn air a' Mhuir Mheadhan-Thìrich. Chaill 800 duine am beatha nuair a chaidh bàta fodha far Libia air an deireadh-sheachdain.

Easbhaidh na Rìoghachd

Tha àireamhan ùra bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun tàinig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air an targaid airson easbhaidh buidseit na dùthcha air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh. Bha sin aig £87bn air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt, sìos bho £98bn air a' bhliadhna ron a sin.

Corp

Chuir poilis ann an Dùn Èideann rannsachadh air bhonn an dèidh corp fhaighinn air Cnoc Challtainn anns a' bhaile sa mhadainn an-diugh. Thuirt na Poilis nach eil e follaiseach dè thachair, agus gu bheil an rannsachadh a' dol air adhart.

Crìochan Uard Comhairle

Tha comhairlichean anns an h-Eileanan an Iar a' gearain mu mholaidhean Choimisein nan Crìochan airson sgìrean taghaidh na Comhairle. Ged a tha iad leigte le àireamh nam ball a ghearradh bho 31 gu 26, tha dragh orra gun tèid am fàgail le sgìrean a tha ro mhòr agus ro fharsainn.

An Fhadhail a Deas

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar £1m bho Riaghaltas na h-Alba airson fosgladh eile sa chabhsair air an Fhadhail a Deas an Uibhist. Bha feadhainn de mhuinntir na sgìre mì-thoilichte nuair a thuirt a' Chomhairle an t-seachdain seo chaidh nach biodh iad a' cur fosgladh eile sa chabhsair. Ach tha a' Chomataidh Chòmhdhail a-niste a' dol a dh'iarraidh an airgid airson na h-obrach sin.

Tuath-gaoithe

Tha rannsachadh poblach a' tòiseachadh an-diugh mu phlana chonnspaideach airson tuath-gaoithe deas air Srathaidh ann an Cataibh. Tha am plana air argamaid a dhèanamh eadar Comann Dìon nan Eun, a tha ag ràdh gu bheil iad mar as trice taiceil do chumhachd ath-nuadhachail, agus a' chompanaidh SSE, a th' air cùlaibh na sgeama.