Eachdraidh ag èirigh às an talamh

Seann balla chidhe a chaidh a lorg air Sràid a' Chladaich Image copyright AOC Archaeology
Image caption Thuirt na h-arceòlaichean gun cuidich na lorg iad ann a bhith a' tuigsinn mar a leasaicheadh am baile bho na meadhan aoisean.

Thug obair air meadhan baile Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean beagan de dh'eachdraidh a' bhaile am follais.

Lorgadh balla-fasgaidh agus balla chidhe on 19mh Linn far an robhas ag obair taobh na h-aibhne air Sràid a' Chladaich.

Thuirt a' bhuidheann AOC Archaeology, a tha a' cumail sùil air na tha san talamh aig an làraich fhad 's a tha an obair a' dol air adhart, gun cuidich na lorgadh le bhith a' tuigsinn mar a leasaicheadh a' bhaile bho na meadhan-aoisean.

Tha a' bhuidheann cuideachd air a bhith an sàs ann an obair cladhaich air làrach seann bhaile air cladaichean Loch Nis.

Lorgadh bann gàirdein leathair a dheadh a chleachdadh le bogha is saighead, a thuilleadh air mìrean phoitean, aig an làraich faisg air Druim na Drochaid.

Chaidh na nithean a lorg ann an ciste-laighe a thàinig am follais ri linn obair air ionad slàinte ùr.

Thuirt na h-arceòlaichean gur ann tràth ann an Linn an Umha a rinneadh iad.