Cluichidh Manic Street Preachers Belladrum
- Published
image copyrightHandout
Cluichidh an còmhlan roc Cuimreach Manic Street Preachers aig fèis chiùil Bhelladrum faisg air a' Mhanachainn.
'S iad am prìomh chòmhlan a bhios ann air an 7mh den Lùnasdal.
'S e na Proclaimers a bhios air mu dheireadh air an 6mh den Lùnasdal agus 's e na Kaiser Chiefs am prìomh chòmhlan a bhios ann air an treas oidhche den fhèis.
Bidh The Stranglers, New Model Army, Martha Reeves and the Vandellas, Stornoway agus King Creosote aig an fhèis cuideachd.