Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhòtaichean Sasannach

Thuirt Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, gu bheil na Tòraidhean a' briseadh chùmhnantan Choimisein Mhic a' Ghobhainn le a bhith a' toirt air adhart plana airson Bhòtaichean Sasannach airson Laghan Sasannach. Tha Dàibhidh Camshron ag ràdh gun tèid am moladh sin mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Westminster nas giorra na ceud là nam b' e agus gun deadh Riaghaltas Tòraidheach a thaghadh, agus gun deadh a chur an gnìomh ro bhuidseat na h-ath-bhliadhna. Thuirt Nicola Sturgeon gur e dearbhadh a th' ann air an èiginn anns a bheil iomairt taghaidh nan Tòraidhean.

HSBC

Tha am banca as motha san Roinn Eòrpa, HSBC, a' beachdachadh air na prìomh oifisean a ghluasad a-mach às an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt HSBC, a tha a' cumail an coinneimh bhliadhnail ann an Lunnainn an-diugh, gu bheil àrdachadh chìsean agus tuilleadh riaghailtean orra ann am Breatainn gam fàgail a' beachdachadh air structar agus dòighean-obrach na buidhne atharrachadh.

Luchd-imrich

Tha ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a' deasbad dè an dòigh as fheàrr air aonta ùr mu luchd-imrich a chur an sàs. Thàinig iad gu aonta sa Bhruiseil an-raoir ag amas air dìon a chur air luchd-imrich sa Mhuir Mheadhan-Thìrich. Tha iad a' beachdachadh, am measg rudan eile, air trì tursan a bharrachd airgid a chur ris an obair-theasairginn agus cobhair.

An Fhadhail a Deas

Thuirt tè a bha ùine mhath na comhairliche do dh'Uibhist a Deas, Màiri Bremner, gum bu chòir drochaid ùr a chur an àite a' chabhsair air an Fhadhail a Deas. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh £1m bho Riaghaltas na h-Alba airson fosgladh eile sa chabhsair, ach tha Màiri Bremner ag ràdh gur e drochaid a tha a dhìth ann.

Eaglais an Naoimh Chaluim Cille

Tha ath-thagradh ann an-diugh an aghaidh co-dhùnadh na Clèire Eaglais an Naoimh Chaluim Cille ann an Glaschu a chur air a' mhargaidh. Tha an coithional ag ràdh nach eil co-dhùnadh Clèir Ghlaschu aig Eaglais na h-Alba idir cothromach. Tha a' Chlèir ag ràdh ge-tà, gun cosgadh e cus an togalach a chàradh, agus tha iad airson a reic.

Gallipoli

Tha seirbheisean anns an Tuirc an-diugh a' comharrachadh 100 bliadhna bho thòisich iomairt Ghallipoli anns a' Chogadh Mhòr. Chaill faisg air 150,000 saighdear am beatha nuair a dh'fhailich air feachdan Bhreatainn agus na Frainge slighe fhosgladh dhan Ruis an dèidh ochd mìosan de shabaid an aghaidh na h-Ìmpireachd Ottoman.