Uard dùinte a-rithist aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thàinig air ceannardan slàinte uard a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis airson an dàrna turais is iad a' strì an aghaidh Noro-Bhìorais.

Tha trì uardan aig an ospadal dùinte do dh'euslaintich ùra a-nis.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do dhùin iad uard 5c às dèidh do dhithis euslainteach fàs tinn.

Tha Noro-Bhìoras air a thighinn air 27 euslaintich aig an ospadal chun an seo.