Fear a thuit bho thogalach air a leòn

Chaidh fireannach a ghoirteachadh gu dona às dèidh dha tuiteam bho mhullach togalaich ann an Steòrnabhagh.

Thachair e mu 7:00f oidhche Ardaoin air Sràid na h-Eaglaise.

Tha na Poilis a' sgrùdadh agus tha iad ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart.

Chaidh an duine a thuit, a tha 22 bhliadhna de dh'aois, a thoirt gu Ospadal nan Eilean.

Chaidh aithris gun deach a dhroch ghoirteachadh, ach nach eil e ann an cunnart bàsachadh.

Thuirt na Poilis gun deach bruidhinn ris an duine co-cheangailte ri buaireadh aig togalach ann an Sràid Choinnich goirid mus do thuit e.