Canàl Caileannach a' fosgladh a-rithist

Obair-càraidh aig Collaichidh Image copyright Peter Sandground
Image caption Chaidh an canàl a dhùnadh sa Mhàirt an dèidh do phàirt de na bruaichean falbh aig Collaichidh.

Fosglaidh an Canàl Caileannach a-rithist Diardaoin, às dèidh dha a bhith dùinte bho thoiseach a' Mhàirt.

Chaidh a dunadh nuair a chaidh pairt de bhruach a' chanàil faisg air Cairidh Chollaichidh ann an sgìre Chille Chuimein, a sguabadh air falbh leis an uisge.

On uair sin tha an t-slighe air a bhith duinte ach a-mhain do shoithichean beaga.

Bho Dhiardaoin fosglaidh e do shoithichean nas motha a-rithist.

Thuirt labhraiche do Chanàlan na h-Alba: "An dèidh a' bhrisidh aig Cairidh Chollaichidh o chionn ghoirid, tha sinn toilichte innse gum bi an Canàl Caileannach fosgailte don a h-uile soitheach bho 08:30m Diardaoin 30mh an Giblean."

Chaidh an canàl fhosgladh do shoithichean beaga - 5.5m de leathad agus a' tarraing 1.8m de dh'fhìor-uisge - madainn Disathairne.

Bidh na h-uimhir de bhacadh air soithichean aig Cille Chuimein Diluain 27mh agus Dimàirt 28mh an Giblean, far am bi clàr-obrach air bhog, le bàta-slaodaidh agus inneal-cladhaich gan cur dhan uisge.

Cha bhi an canàl fosgailte Diciadain 29mh an Giblean aig Obar Chaladair ri linn obair dreideireachd.