Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaconamaidh

Chaidh maill nas motha air an eaconamaidh air a' chiad trì mìosan den bhliadhna. Tha figearan ùra bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun do dh'fhàs toradh GDP na dùthcha 0.3%, tha sin sìos bho 0.6% air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gu bheil na figearan a' sealltainn gum feum iad a bhith cùramach fhathast mun eaconamaidh, ach gun dèanadh na Làbaraich cunnart dhan adhartas a th' air a bhith ann. Thuirt na Làbaraich gu bheil na h-àireamhan a' dearbhadh nach eil an eaconamaidh a' dèanamh dad do theaghlaichean a th' ann an cosnadh.

Neapàl

Thuirt an Riaghaltas ann an Neapàl gu bheil dragh ann gun èirich an àireamh a chaill am beatha sa chrith-thalmhainn Disathairne gu còrr is 10,000. Tha an àireamh sin an-dràsta aig còrr is 4,000, ach tha luchd-teasairginn agus buidhnean cobhair fhathast a' feuchainn ri faighinn dha na sgìrean as iomallaiche. Chuir Comataidh nan Tubaistean 's na h-Èiginn a tha a' riochdachadh na h-uimhir de bhuidhnean carthannais Bhreatainn iomairt air bhonn airson cuideachadh a thoirt do Neapàl.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha luchd-strì an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich ag ràdh gu bheil dearbhadh aca gun tug NHS na Gàidhealtachd fiosrachadh nach robh fìor do Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, mus do cho-dhùin ise gur ann anns na Ath Leathann a bhiodh ospadal ùr na sgìre. Sgaoil a' bhuidheann-strì NHS SOS pàipear anns a bheil dotairean teaghlaich aig Ionad Meidigeach Phort Rìgh a' ceartachadh na h-uimhir de na thuirt NHS na Gàidhealtachd mu ghoireasan ann an Ospadal Phort Rìgh. Tha iad fhathast ag iarraidh ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich air a' cho-dhùnadh, agus tha iad ag ràdh nach eil iad a' cur mòran earbsa nas motha ann an taic Rùnaire na Slàinte airson leapannan a chumail ann am Port Rìgh, agus dotair ùr fhastadh airson sgìrean iomallach ann an ceann a tuath an eilein.

Cal Mac

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur faisg air £300m ri eaconamaidh na h-Alba a rèir Institiùd Fraser of Allander. Fhuair sgrùdadh gu bheil prìomh oifis na companaidhb aiseig ann an Guraig a' cur còrr is £9m ri eaconamaidh Inbhir Chluaidh - rud a tha a' togail aire dhaoine anns na h-Eileanan an Iar a tha ag iarraidh àrd-oifis Chal Mac, no pàirt dhith co-dhiù, a ghluasad dha na h-Eileanan.

Baltimore

Tha staid èiginn ann am baile Baltimore anns na Stàitean Aonaichte an dèidh oidhche de dh'àimhreit anns an deach còrr is deichnear oifigear poilis a leòn. Tha fearg air luchd-iomairt mu bhàs Freddie Gray - duine dubh a chaidh a dhroch leòn nuair a bha e an grèim aig na Poilis nas tràithe air a' mhìos seo.