Twitter dà-chànanach aig Cunntadh an Taghaidh

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thèid fiosrachadh mu thoradh na bhòta fhoillseachadh beò sa Ghàidhlig agus sa Bheurla air cunntas Twitter na Comhairle.

Bidh Comhairle nan Eilean Siar air a' chiad ùghdarras ionadail ann am Breatainn le cunntas Twitter ann an Gàidhlig agus Beurla aig Cunntadh an Taghaidh Choitchinn 2015.

Bidh an cunntas Twitter a' sgaoileadh fiosrachaidh bheò bhon Chunntadh, a' tòiseachadh aig 10:00f Diardaoin 7mh an Cèitean ann an Ionad Spòrs Leòdhais.

Gheibh luchd-bhòtaidh nan Eilean Siar bileagan fiosrachaidh dà-chànanach mar thà aig ionadan-bhòtaidh, le brathan-naidheachd air an sgaoileadh san dà chànan.

Bidh cuideachd Oifigear an Taghaidh a' toirt seachad toradh na bhòta anns a' Ghàidhlig mus toirear seachad e sa Bheurla.

Thuirt an Comh. John A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Cànain aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha a' Chomhairle air a bhith taiceil don Ghàidhlig anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnaichean agus tha an taic sin leantainneach.

"Tha sinn air a bhith adhartach le cleachdadh na Gàidhlig agus le bhith a' togail inbhe a' chànain aig àm taghaidhean.

"Tha tòrr dhaoine air a bhith ag innse dhuinn cho toilichte 's a tha iad leis na tha de Ghàidhlig ri faicinn aig na h-ionadan-bhòtaidh air feadh nan eilean.

"Cuiridh an cunntas Twitter ùr gu mòr ris na tha sinn air a bhith a' dèanamh gus inbhe na Gàidhlig a thogail agus tha sinn an dòchas gun cleachd luchd-labhairt a' chànain anns na h-Eileanan an Iar agus air feadh na h-Alba, an cunntas seo airson cumail an-àirde ri tachartasan bho oidhche a' Chunntaidh anns na h-Eileanan an Iar."