NHS na Gàidhealtachd "ceàrr"

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Richard Dorrell / Geograph
Image caption Tha dotairean am Port Rìgh ag ràdh gu bheil NHS na Gàidhealtachd gu tur ceàrr leis a' bheachd nach eil seirbheis-èiginn air a bhith sa bhaile.

Dh'fhàg luchd-strì san Eilean Sgitheanach air NHS na Gàidhealtachd gun do sgaoil iad fiosrachadh nach robh fìor mu sheirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein.

Chaidh cead a thoirt mar thà ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois a thogail anns an Ath Leathann mar phàirt de chrathadh air seirbheisean slàinte san sgìre.

Fhuair a' buidheann-strì, NHS SOS, pàipear a chuir dotairean teaghlaich aig Ionad Meidigeach Phort Rìgh do NHS na Gàidhealtachd is iad "a' ceartachadh" grunn phuingean a rinn am Bòrd-Slàinte ann am pàipear-comhairleachaidh mu na goireasan aig Ospadal Phort Rìgh.

Chaidh na dotairean gu làidir às àicheadh phuing sa phàipear nach robh seirbheis-èiginn ri faighinn ann an Ospadal Phort Rìgh.

Thuirt iad gu bheil daoine san sgìre den bheachd gu bheil seirbheis-èiginn ann, chan ann air sgàth is gu bheil soidhne aig an ospadal ag innse dhaibh gu bheil, ach air sgàth is gu bheil iad air an t-seirbheis a chleachadh is cùram-èiginn fhaighinn san ospadal tric thar nam bliadhnaichean.

"Gu follaiseach ceàrr"

Thuirt iad mar sin gu bheil e "gu follaiseach ceàrr" dhan Bhòrd Shlàinte a ràdh nach e rud ùr a bhiodh ann nach biodh seirbheisean-èiginn san ospadal.

Thog na dotairean ceist cuideachd mun phlana gus sgioba de nursaichean le sgilean a bharrachd a stèidheachadh san sgìre gus cuideachadh le cùram taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

Ged a chuir na dotairean fàilte air a' ghluasad fhèin, thuirt iad gur e ceum air ais a bhiodh sa phlana uile gu lèir leis gun tèid aon dotair sa cheann a tuath a bhiodh ag obair air cùram taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach a ghearradh cuideachd.

Thuirt na dotairean gur e lùghdachadh ann an seirbheis a bhiodh ann is gun robh am Bòrd Slàinte "ceàrr" a bhith ag ràdh gun cumadh gnothaichean a' dol mar a tha iad.

Tha dragh orra cuideachd mu phlana a' Bhùird Shlàinte leapannan a bharrachd a chur ann an dachaighean-cùraim san sgìre.

Gearradh

Thuirt iad gu bheil suidheachadh mar thà ann far a bheil aig cuid ri leapannan a chleachadh ann an Ospadal Phort Rìgh air sgàth is nach eil àite ann dhaibh ann an dachaigh-chùraim, is ciamar sin a dhèanadh leapannan a bharrachd anns na dachaighean a' chùis air gearradh ann an leapannan san ospadal.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gun deach an co-dhùnadh ceart a dhèanamh an t-ospadal ùr a thogail san Ath-Leathann.

Thuirt i ge-tà, gu bheil i air iarraidh air a' Bhòrd Shlàinte meòrachadh air leapannan a bharrachd ann an sgìre Phort Rìgh agus air dotair a bharrachd a thilleadh dhan cheann a tuath gus taic a chur ri seirbheisean èiginn.

Tha an luchd-iomairt ag iarraidh gealltannais ge-tà, gur ann san ospadal a bhios na leapannan agus gum bi seirbheis èiginn a là 's a dh'oidhche ann seachd là san t-seachdain.

Tha a' bhuidheann-strì fhathast ag iarraidh ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich air a' ghnothach air fad cuideachd,.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile