Seirbheis ùr an Ìle
- Published
Chaidh fàilte air an naidheachd gun tèid seirbheis-aiseig do luchd-coiseachd a stèidheachadh as t-Samhradh eadar Ìle is Èirinn a Tuath.
'S e a' chompanaidh Kintyre Express a th' air cùlaibh an leasachaidh.
Bidh an ceangal le Ìle na phàirt den t-seirbheis a th' aca mar thà eadar Ceann Loch Chille Chiarain 's Baile a' Chaisteil.
Bidh an t-seirbheis, air am bi "A Taste of Islay" a' ruith bhon Òg-Mhìos eadar Baile a' Chaisteil agus Port Ilein, ceithir là san t-seachdain.
Falbhidh am bàta à Ceann Loch Chille Chiarain aig 07:30m gu Baile a' Chaisteil is thèid e às an sin gu ruige Phort Ilein aig 09:30m.
Uisge-beatha
Tillidh am bàta a dh'Eirinn a Tuath aig 3:00f is gheibh luchd-siubhail biadh, cothrom air uisge-beatha a bhlasadh agus cuairt timcheall air Taigh-Staile na h-Àirde Bige mar phàirt den ticead aca.
"S e rud math a tha seo", thuirt an comhairliche Ìleach Robin Currie.
"Ìle is Èirinn a Tuath, tha daonnan daoine a' dol air ais is air adhart agus ma mheanndas iad air sin a dhèanamh a h-uile seachdain anns an t-Samhradh 's e rud math a bhios ann is tha mi a' smaoineachadh gum biodh mòran a' dol air an aiseag sin.
"Tha uisge-beatha aca fhèin ann an Èirinn cuideachd aig Bushmills agus 's e ceangal math a tha sin", a thuirt e.
Bidh an t-seirbheis ann eadar an t-Òg-Mhìos agus an Lùnastal.