"Mì-thuigse" mu sheirbheisean slàinte
- Air fhoillseachadh
Chaidh ceannardan Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd às àicheadh gun do mheall iad Rùnaire na Slàinte mu phlanaichean gus crathadh a thoirt air seirbheisean san Eilean Sgitheanach.
Rinneadh co-dhùnadh mar thà ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois a thogail anns an Ath Leathann mar phàirt de chrathadh air seirbheisean slàinte san sgìre.
Dh'fhàg luchd-strì ann an ceann a tuath an eilein air a' bhòrd shlàinte gun robh iad air Rùnaire na Slàinte a mhealladh ann am pàipear-comhairleachaidh mu na planaichean.
Bha sin às dèidh do dhotairean teaghlaich aig Ionad Meidigeach Phort Rìgh NHS na Gàidhealtachd "a cheartachadh" air grunn phuingean a nochd sa phàipear.
Nam measg, thuirt na dotairean gun robh am Bòrd Slàinte "ceàrr" a bhith ag ràdh nach robh seirbheis-èiginn ann am Port Rìgh.
Soidhne
Thuirt na dotairean gu bheil daoine san sgìre den bheachd gu bheil seirbheis-èiginn ann, chan ann air sgàth is gu bheil soidhne aig an ospadal ag innse dhaibh gu bheil, ach air sgàth is gu bheil iad air an t-seirbheis a chleachadh is cùram-èiginn fhaighinn san ospadal tric thar nam bliadhnaichean.
Thog iad ceist cuideachd mun phlana gus sgioba de nursaichean le sgilean a bharrachd a stèidheachadh san sgìre gus cuideachadh le cùram taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.
Ged a chuir na dotairean fàilte air a' ghluasad fhèin, thuirt iad gur e ceum air ais a bhiodh sa phlana uile gu lèir leis gun tèid aon dotair sa cheann a tuath a bhiodh ag obair air cùram taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach a ghearradh cuideachd.
Thuirt Gill Nic a' Phiucair bho NHS na Gàidhealtachd nach deach duine a mhealladh is gur e mì-thuigse mu bhriathrachas a bu choireach 'son an deasbaid.
"Tha na dotairean ann am Port Rìgh cho ceart 's a ghabhas le a bhith ag ràdh gu bheil iad a' toirt seirbheis dha daoine a tha a' nochdadh aig an ionad agus a-mach às na h-uairean àbhaisteach aig an ospadal is gheibh daoine cùram bhuapa", thuirt Gill Nic a' Phiucair.
Cùram-èiginn
"Mar as trice ge-tà, thèid na daoine an uair sin a thoirt dhan Ath Leathann no Ospadal an Ràthaig Mhòir ma tha feum aca air cùram-èiginn.
"S ann mu dheidhinn briathrachais a tha seo is mhìnich mi e sa phàipear-chomhairleachaidh fhèin agus tha mi air bruidhinn ris na dotairean mun bhriathrachas.
"Fo na planaichean a th' againn thèid an t-seirbheis a th' ann a ghlèidheadh ann an ceann a tuath an eilein, chan atharraicheadh sin idir", thuirt i.
Thuirt i gu bheil am Bòrd Slàinte ag èisteachd ris na draghan a th' air daoine agus gu bheil iad air coinneachadh ris na dotairean ann am Port Rìgh.
Tha a' bhuidheann-strì NHS SOS ag iarraidh ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich air a' ghnothach air fad cuideachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An Giblean 2015
- 28 An Giblean 2015
- 3 An Dùbhlachd 2014