Fàs san amharc aig Crossroads

Cùram
Image caption Tha Crossroads a' meòrachadh air an t-seirbheis aca san Hearadh a leudachadh.

Thòisich a' bhuidheann Crossroads na Hearadh rannsachadh am measg na coimhearsnachd feuch a bheil feum air na seirbheisean cuideachaidh aca a leudachadh.

An-dràsta tha seann daoine, daoine bochda agus ciorramaich a' faighinn cùraim phearsanta bhon bhuidhinn.

Rinn Crossroads sgrùdadh roimhe anns an do nochd beachd gun cuireadh gu lèor feum air seirbheisean a bharrachd mar ghlanadh na dachaigh, nigheadaireachd, 's a' ceannach agus ag ullachadh bidh.

Tha iad a-nise a' tilleadh dhan choimhearsnachd a dh'fhaicinn dè dha-rìribh an t-iarrtas a bhiodh ann airson an leithid.

"Bha sinn a' coimhead air dè an dòigh a bhiodh an t-seirbheis againn fhèin a' frithealadh na feadhainn aig an robh feum orra anns na bliadhnaichean ri teachd agus aon rud a thàinig às an rannsachadh a bha sin, 's e gun robh daoine ag ionndrainn na seann sheirbheis a b' àbhaist a bhith ann nuair a bha luchd-cùraim dachaigh a' glanadh nan dachaighean is caran mar sin, a bharrachd air seirbheis phearsanta", thuirt Mòrag Rothach bho Chrossroads.

Feum

"Tha sinn a-nise a' dèanamh rannsachaidh eile ach am faic sinn nan cuireamaid suas leithid de sheirbheis, an cleachdadh daoine e agus dè dh'uimhir a bhiodh de dh'fheum air", thuirt i.

'S e a' cheist eile a th' ann cò às a thigeadh an t-airgead oir ao-coltach ris an t-seirbheis a tha aig Crossroads an-dràsta, dh'fheumadh daoine pàigheadh air a son.

"Tha 30 bliadhna bho thòisich sinn agus tha an t-seirbheis againn air a bhith an-asgaidh ach an t-seirbheis a tha seo, ma chuireas sinn suas e, chan urrainn dhuinn a toirt seachad an asgaidh, feumaidh sinn cosgais air choireigin a chur mu a coinneimh", thuirt Mòrag Rothach.

"Chuireadh sinn fhèin ionmhas mu a coinneimh, ionmhas a bhios sinn fhèin a' cruinneachadh, ach feumaidh sinn cosgais air choireigin a chur air na daoine a bhios sinn a' frithealadh", thuirt i.

Bu chòir do dhaoine le beachd mun ghnothach fios a chur air Crossroads.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile