Tubaist rathaid air an A831

Heileacoptair Image copyright Brian Ashman/BBC
Image caption Heileacoptair faisg air làrach na tubaist.

Dhearbh na Poilis gun do bhuail làraidh fiodha ann an taigh ri taobh an A831 madainn Diciadain.

Thachair an tubaist timchrall air 08:00m aig Baile an Fhàin faisg air Druim na Drochaid.

Thathas a' tuigsinn gur ann a' feuchainn ri làraidh eile air an rathad a sheachnadh a bha an dràibhear.

Chaidh an dràibhear a thoirt dhan ospadal.

Chaidh a ghoirteachadh mu aodann is bha e treis air a ghlacadh san làraidh.

Cha robh duine san taigh nuair a thachair an tubaist.