BBC Naidheachdan

Càball ro 2020

Published
image captionTha an càball riatanach airson pròiseactan ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar a cheangal ris a' Ghriod Nàiseanta.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad misneachail dha-rìreabh a-nis gun tèid càball dealain mòr a chur eadar na h-Eileanan 's Tìr-Mòr an ceann còig bliadhna.
Chaidh clàr-ama airson an leasachaidh fhoillseachadh leis a' chompanaidh SHE-T le dùil gum bi e deiseil ro dheireadh 2020.
Ged a tha rudan ri rèiteach fhathast, tha a' Chomhairle an làn-dùil gun tig an càbal an turas seo.
"Tha mi air mo mhisneachadh gu mòr an dèidh na coinneimh a bh' againn le SHE-T, agus leis a' chlàr-ama a th' aca airson an càball a chur an sàs," thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.
Pròiseactan Ceadaichte
"Feumaidh sinn a-nis, thar na bliadhna a tha romhainn, gun cùm gach ball den chom-pàirteachas seo ris a' chlàr-ama.
"Bidh mi a' sgrìobhadh gu, agus tha mi an dòchas a' coinneachadh ris an riaghaltas ùr an dèidh an taghaidh, airson gealltanasan a thugadh seachad mar thà a chur nan cuimhne, agus a dh'iarraidh orra cuideachadh gus an gabh cumail ris a' chlàr-ama.
"Nam bheachd-sa, 's e an clàr-ama seo an cothrom as fheàrr air cumhachd ath-nuadhachail a thoirt air adhart sna h-Eileanan.
"Tha luchd-leasachaidh againn aig a bheil pròiseactan ceadaichte a tha mòr gu leòr airson an in-ionmhais a tha a dhìth airson a' chàbaill fhìrinneachadh - rud a chosgas mu £800m.
"Tha mi gu math soilleir nach gabhadh an càball a thoirt gu buil idir às aonais nam pròiseactan mòra sin.
"Cuiridh an càball na pròiseactan ath-nuadhachail coimhearsnachd air bun-stèidh sheasmhach.
"Chan eil cus cothrom ann airson pròiseactan coimhearsnachd eile a thoirt air adhart às aonais a' chàbaill.
"Tha e riatanach mar sin, gach cuid do phròiseactan coimhearsnachd agus pròiseactan coimearsalta, gun tèid plana a' chàbaill a thoirt gu buil, agus gun tèid cumail ris a' chlàr-ama," thuirt e.