Atlantis aig Bàgh an Eige

Gàradh Bhàgh an Eige
Image caption Thèid na cruthadairean a thogar ann a chur sa Chaol Arcach.

Tha a' chompanaidh chumhachd ath-nuadhachail, Atlantis, air làrach a ghabhail air màl aig Pàirce Ghnìomhachais Bhàgh an Eige far an tog iad na h-innealan cumhachd a tha iad an dùil a chleachdadh anns a' Chaol Arcach.

Dh'fhoillsich Atlantis cuideachd gu bheil iad a' leudachadh, 's iad air a' chompanaidh Marine Current Turbines a ghabhail thairis bho Siemens.

Thuirt ceannardan Atlantis gu bheil iad a-nis am measg nam prìomh chompanaidhean a tha an sàs ann a bhith a' cruthachadh dealain bhon tìde-mhara.

Mar phàirt den aonta le Siemens tha iad air còir fhaighinn air teicneòlasan ùra, agus leudachadh a dhèanamh air na tha de phròiseactan air na leabhraichean aca.

Tha an gluasad cuideachd a' ciallachadh gun tòisich Atlantis a' togail agus a' dearbhadh chruthadairean-mara aig Bhàgh an Eige air taobh Sear Rois.

Thèid na cruthadairean a chleachdadh airson cumhachd a chruthachadh bhon t-sruth anns a' Chaol Arcach mar phàirt den sgeama Maygen aca.

Thuirt Global Energy, leis a bheil pàirce Bhàgh an Eige, gu bheil an aonta le Atlantis na chlach-mhìle ann a bhith a' stèidheachadh na làraich aca mar am prìomh ionad ann an Alba airson leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail ag muir.