Iarrtas bhòt-earbsa aig a' Choimisean

Coimisean na Croitearachd
Image caption Tha bhòt-earbsa ga h-iarraidh aig Coimisean na Croitearachd.

Chaidh iarraidh air Ministear Àrainneachd na h-Alba, Aileen NicLeòid, bhòt-earbsa a chumail ann an Tè-Ghairm Choimisean na Croitearachd, Susan Walker.

Chuir còignear de naoinear bhall a' Choimisein an ainm ris an litir.

Thagh croitearan sianar de na buill agus thagh an Riaghaltas an triùir eile.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun d' fhuair iad iarrtas 'son na coinneimh is gu bheil iad ag obair gu dlùth ris a' Choimisean.

Cugallach

Dh'fhàg am BPA airson na Gàidhealtachd, Rhoda Ghrannd, air an Riaghaltas gun robh iad air Susan Walker, a tha a' fuireach san Eilean Sgitheanach, a chur ann an suidheachadh cugallach bho thùs le a bhith ga taghadh iad fhèin seach an co-dhùnadh fhàgail aig a' Choimisean.

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba gun dèanadh an gnothach cùisean "mi-sheasmhach" 'son na croitearachd.

Thuirt an t-Àrd-Stiùiriche, Padraig Krause, gu bheil iad a' faighinn air adhart glè mhath le Susan Walker is gu bheil iad an dòchas gun gabh an gnothach a rèiteach cho luath 's a ghabhas.

Tha trì seachdainnean a-niste aig a' Mhinistear 'son coinneamh shònraichte a ghairm.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile