Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Thuirt na Libearalaich Dheamocratach gu bheil fiosrachadh a dh'fhoillsich iad an-diugh a' sealltainn gun robh planaichean aig na Tòraidhean o chionn trì bliadhna airson gearraidhean mòra a dhèanamh air sochairean cloinne, agus creideas-chìsean cloinne. Tha Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, a' cumail a-mach gun do chuir na Lib-Deamaich stad air a' phlana airson na sochairean a chuibhreachadh aig dìreach dithis chloinne. Thuirt na Tòraidhean nach eil e na phoileasaidh aca na sochairean seo a ghearradh ma bhuanaicheas iad an taghadh coitcheann.

Ann an iomairt an taghaidh ann an Alba dh'fhoillsich Nicola Sturgeon am postair mu dheireadh aig an SNP ron bhòt air an ath-sheachdain. Canaidh na Tòraidhean an-diugh gu bheil iad a' bruidhinn airson a' chuid mhòir de dh'Albannaich nach eil a' taisbeanadh nam beachdan poileataigeach aca gu poblach. Bheir Lib-Deamaich na h-Alba mìneachadh air na planaichean aca airson chìsean. Agus airson Làbaraich na h-Alba, canaidh Jim Murphy, gun cruthaicheadh am pàrtaidh aigesan eaconamaidh nas cothromaiche.

Neapàl

Chaidh balach aois 17 bliadhna a thoirt beò à sprùilleach thogalaich ann an Katmandu - prìomh bhaile Neapàil. Tha ùghdarrasan na dùthcha a-niste ag ràdh gun deach còrr is 5,500 a mharbhadh anns a' chrith-thalmhainn a bhuail air Neapàl air an deireadh-sheachdain.

Pagastan

Chaidh binn-beatha anns a' phrìosan a chur air deichnear radaigeach ann am Pagastan a chaidh a dhìteadh air casaidean gun do dh'fheuch iad ris an nighean-sgoile Malala Yousafzai a mhurt. Chaidh ionnsaigh a thoirt air Malala - a tha a-niste ag iomairt airson chòirichean foghlaim chloinne - o chionn trì bliadhna nuair a chaidh peilear a losgadh na ceann fhad 's a bha i a' siubhail dhan sgoil.

Taic Bàis

Thuirt tè de chomataidhean na Pàrlamaid Albannaich gu bheil iad air laigsean cudromach a lorg anns a' bhile aig Pàdraig Harvey airson a bhith a' cuideachadh dhaoine ciorramach le a bhith a' cur làimh nam beatha fhèin. Tha mòr-chuid air Comataidh na Slàinte 's na Spòrs a' cur an aghaidh a' bhile ann am prionnsabal. Ach tha iad air co-dhùnadh gum bu chòir dhan Làn-Phàrlamaid co-dhùnadh am bu chòir gabhail ris no a chaith a-mach. Cha chuir a' chomataidh moladh sam bith mu choinneimh na Pàrlamaid, ach tha iad ag ràdh gum bi dùbhlan mòr ann ma dh'aontaicheas na buill ris a' bhile aig co-labhairt a' Phàrtaidh Uaine.

Dochann Cloinne

Tha poilis ann an Roinn a' Mhonaidh a' rannsachadh an deach clann a dhochann ann an sgoil do dh'òganaich le feumalachdan sònraichte. Tha iad a' sgrùdadh chasaidean gun deach droch dhìol a dhèanamh air cloinn òig ann an Sgoil Westfield anns a' Bhruaich. Tha Comhairle Siorrachd Obar Dheathain air iarraidh air triùir de luchd-obrach na sgoile gun a dhol a-steach a dh'obair fhad 's a tha rannsachadh a' leantainn.