Beachdan Niseach gan iarraidh air pròiseactan Gàidhlig
- Published
Tha Comann Eachdraidh Nis agus Oighreachd Ghabhsann ag iarraidh beachd na coimhearsnachd air pròisectan Gàidhlig a dh'fhaodadh iad a chur air adhart san sgire.
Bidh cothrom ann bruidhinn air seo Diardaoin seo tighinn agus faodaidh daoine beachdan a chur cuideachd air na meadhanan sòisealta.
"Tha sinn a' coimhead dè na cothroman a th' ann a thaobh na Gàidhlig ann an ceann a tuath Leòdhais," thuirt Seo Anna NicSuain bho Comann Eachdraidh Nis.
"Anns an sgìre bhon Bhuta suas gu Baile an Truiseil.
Buanachd eaconamach
"Dè na cothroman a th' ann airson rudan a chur air adhart a bhrosnaicheas ùidh agus comasan anns a' Ghàidhlig agus anns an dualchas dha muinntir an àite agus dha luchd-turais cuideachd?
"Dè seòrsa rudan a bu chaomh le daoine fhaicinn? Chan e a-mhàin pròiseactan a chuireadh buidhnean mar an Comann Eachdraidh no an t-Urras air chois, ach cuideachd rudan a dhèanadh daoine iad fhèin air na lotaichean, no a thaobh nan dachaighean aca, no taighean a bhiodh iad a' toirt seachad air màl no rud sam bith.
"Bhiodh sinn an dòchas, mar eisimpleir, a thaobh an Urrais, an là a thòischeas airgead a' tighinn tron chrann-ghaoithe a th' ann, gur e rudan a th' ann 's dòcha a dh'fhaodadh taic-airgid fhaighinn. Ach chan urrainn dhomhsa bruidhinn às leth an Urrais 'son chan eil mi air an Urras.
"Tha tòrr eisimpleirean air an toirt seachad, ma thèid daoine air làrach-lìn a' Chomainn Eachdraidh, chì iad an t-seòrsa chothroman a th' ann, chan e a-mhàin a thaobh a bhith a' faighinn no a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig, ach cuideachd a thaobh dualchais, rudan eadar-dhealaichte a thaobh croitearachd, a thaobh tòiseachadh ghnìomhachasan, turasachd.
"Dìreach beachdan a shireadh bho dhaoine aig a bheil eòlas air an sgìre. Rudan a ghabhadh daoine ris anns an sgìre agus rudan a bhiodh buanachdail a thaobh na h-eaconamaidh," thuirt i.
Thèid tachartas a chumail aig Oifisean Urras Oighreachd Ghabhsainn air an 7mh là den Chèitean eadar 10:00m agus 6:00f, far am faodar beachdan a thoirt seachad.