NHS na Gàidhealtachd a' fastadh san Òlainnd

Amsterdam Image copyright Thinkstock
Image caption Tha seirbheisean adhair cunbhalach eadar Amsterdam agus Inbhir Nis

Tha NHS na Gàidhealtachd a' sireadh luchd-obrach slàinte anns an Òlainnd.

Thuirt a' bhuidheann gun robh obraichean ùra gan cruthachadh ri linn 's gu bheil iad a' leudachadh an luchd-obrach aca.

Tha duilgheadasan air a bhith aig a' bhuidhinn cuideachd o chionn ùine luchd-obrach fhastadh do chuid de dh'ospadail agus ionadan dotair ann an sgìrean dùthchail.

"'S e sgìre àlainn a tha seo, far a bheil càilleachd agus astar na beatha a' tighinn a-rèir na tha mòran de luchd-proifeasanta a' sireadh," thuirt Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Elaine Mead.

"Tha luchd-obrach ioma-chultaireach againn mar thà, agus tha sinn a dh'aona-ghnothach a' sireadh luchd-obrach bho thaobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.

"Dh'fhaodadh gum biodh seirbheisean adhair cunbhalach a tha a-nis ann eadar Amsterdam agus Inbhir Nis nan chuideachadh ann a bhith a' tàladh dhotairean agus luchd-proifeasanta eile san Òlainnd."

Choimhead NHS na Gàidhealtachd an-uiridh ri dotairean a tha ag obair ann am bailtean mòra an ceann a tuath Shasainn a thàladh a dh'obair air Ghàidhealtachd.