Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Thuirt Ed Miliband a-rithist nach bi còmhraidhean sam bith ann leis na pàrtaidhean nàsieantach mu bhuidseat agus prògram reachdais a' Phàrtaidh Làbaraich ma bhios e na cheannard air riaghaltas gun mhòr-chuid às dèidh an taghaidh choitchinn. Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus Plaid Cymru air rabhadh a thoirt gum bhòt iad an aghaidh buidseit Làbaraich a tha a' moladh ghearraidhean mòra a dhèanamh air teachd-a-mach na roinne poblaich.

Foillsichidh Pàrtaidh Neo-Eisimeileachd na Rìoghachd Aonaichte am manifesto Albannach aca an-diugh, agus iad ag iarraidh gun tèid co-cruinneachadh bun-reachdail a ghairm airson an Rìoghachd Aonaichte a dhèanamh nas cothromaiche. A' bruidhinn anns an Eaglais Bhric canaidh am BPE aig Ukip, Dàibhidh Cockburn, gum bu chòir cur às do Foirmle Bharnett beag air bheag mar thoradh air mar a thèid tuilleadh chumhachdan a thoirt do dh'Alba a thaobh a bhith a' togail chìsean.

Le trì là chun an Taghaidh bidh Lib-Deamaich na h-Alba ag iomairt ann an Sròn na h-Aibhne an-diugh, far an tog iad air an t-seasmhachd phoileataigich a tha iad ag ràdh a tha iad a' tabhainn an coimeas ris an SNP. Leanaidh Nicola Sturgeon oirre leis a' chuairt heileacoptair aice air feadh Alba, agus i gu bhith a' bruidhinn air planaichean a' phàrtaidh aice airson barrachd airgid a chosg air seirbheisean-slàinte. Bidh Jim Murphy ann an Glaschu a' mìneachadh phlanaichean nan Làbarach airson bhòtairean òga, agus bidh Ruth Davidson a' tadhail air luchd-iomairt Tòraidheach agus gnìomhachasan beaga ann an Siorrachd Àir.

Dallas

Chaidh dithis luchd-gunna a mharbhadh ann an Teagsas às dèidh dhaibh losgadh air geàirrd taobh a-muigh ionaid choimhearsnachd a bha a' cumail farpais chartùnaichean a' magadh air an Fhàidh Mohammed. Chaidh an fharpais ann an Dallas a chur air dòigh le buidhinn iomairt bhon làimh dheis an American Freedom Defence Initiative a th' air a bhith a' dèanamh càinidh mhòir air a' chreideamh Mhuslamach.

Seirbheisean-adhair

Sguiridh seirbheisean-adhair às an Òban gu Colla, Colbhasa, Tiriodh agus Ìle o sheachdain Disathairne. Bha a' chompanaidh Hebridean Air Services Eta, a bhios gan ruith, air airgead a bharrachd iarraidh bhon Chomhairle, ach chaidh an diùltadh. Tòisichidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' sireadh companaidh ùir airson an t-seirbheis PSO a ruith, agus tha iad an dòchas gun tèid an t-seirbheis ath-stèidheachadh uaireigin an ath-bhliadhna.

Tormod a' Bhocsair

Agus tha luaidh ga dhèanamh air an sgrìobhadair Ghàidhlig Tormod Caimbeul - no Tormod a' Bhocsair mar as fheàrr a dh'aithnichear e - a bhàsaich air an deireadh-sheachdain. Bha Tormod, a bhuineadh do Dhail bho Dheas, 72, agus bha e air a bhith a' fulang le aillse. Choisinn e cliù mar fhear de na sgrìobhadairean Gàidhlig as fheàrr le leabhraichean leithid Deireadh an Fhoghair.