Uard eile san Ràthaig Mhòr fosgailte
- Air fhoillseachadh
Dh'fhosgail uard eile aig ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a bh' air a bhith dùinte ri linn a' ghalair Noro-Bhìoras, às ùr.
Tha Uard 7C a-rithist fosgailte do dh'euslaintich ùra is do luchd-tadhail.
Thairis air a' chola-deug mu dheireadh tha an galair air buaidh a thoirt air 51 euslainteach, le aon uard fhathast dùinte air a sgàth.