Ceann Loch Seile troimhe
- Air fhoillseachadh

Thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais às dèidh dhaibh Cill Mhàillidh a chur a-mach às an fharpais.
Chuir Iain MacRath is Friseal MacBhiocair Ceann Loch Seile 2-0 air thoiseach ro letheach-ùine is ged a thug Liam Camshron dòchas do Chill Mhàillidh le tadhal le cairteal na h-uaireach air fhàgail, chrìochnaich an geama 2-1.
Bidh Ceann Loch Seile a-nise aig an taigh an aghaidh a' Bhail' Ùir air an 16mh den Chèitean is an sgioba a bhuannaicheas an aghaidh an Eilein Sgitheanaich no Gleann Urchadain sa chuairt dheireannaich.
Ann an Cupa MhicAmhlaidh Disathairne rinn Lòbhat a' chùis air a' Ghearasdan 2-1 is chaidh Ceann a' Ghiuthsaich air adhart 3-2 an aghaidh Loch Abar.
Aig deas bha Caol Bhòid fada cus ro mhath do Ghleann Urchaidh is iad gam pronnadh 10-0 ann an Taigh na Bruaich, Grant Irvine le 7 de na tadhail.
Faisg
B' ann na b' fhaisge a bha gnothaichean ann an Inbhir Aora, le tadhal bho Ailean Camshron òg a' cur sgioba a' Bhaile Rìoghaill troimhe 1-0 an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.
'S iad a' Mhanachainn a tha a-nise aig mullach na Lìge Nàiseanta às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 3-1 air Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.
Leum na Sgitheanaich suas dhan treas àite san lìog is iad a' soirbheachadh 2-0 air falbh an aghaidh Chabair Fèidh, na tadhail a' tighinn à Danny Moireasdan is Ailean MacFhionnghain.
B' e deagh là a bh' ann dhan chluba gu lèir is an dàrna sgioba a' dol air adhart dhan ath-chuairt de Chupa an t-Sutharlannaich, rinn iadsan an gnothach 4-2 air a' Chaol-Ghleann.
Bidh na Sgitheanaich a-nise an aghaidh Inbhir Aora san ath-chuairt.