Duais bhaidhsagal-beinne Bhreatainn do Kherry
- Air fhoillseachadh

Kerry Nic a' Phì aig farpais baidhsagal Bhreatainn
Bhuanaich Kerry Nic a' Phì a Uibhist a' Deas farpais bhaidhsagal Bhreatainn ann an Salcraig Disathairne, a' criochnachadh dà mhionaid air thoiseach air Lee Craigie.
Chaidh i air thoiseach tràth san rèis, gus 75 cilemeadair, a' criochnachadh ann am beagan a' bharrachd air ceithir uairean a thìde gu leth.
Thuirt Kerry gun robh i air obair mhòr a dheanamh air thoiseach air farpais Bhreatainn, agus gun robh i air a dòigh glan le mar a chaidh dhì.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios 2014
Timcheall a’ BhBC
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh