Iomairt bhann-leathainn

Càballan LAN Image copyright Reuters
Image caption Tha Gleann Dail, Bhàtarnais agus Cille Mhoire am measg a' 5% de Bhreatainn nach fhaigh bann-leathann fìor luath ro 2018.

Dh'fhaodadh gun tèid pròiseact airson bann-leathann nas luaithe fhaighinn do choimhearsnachdan ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a leudachadh.

Leis nach fhaigh Gleann Dail, Bhatarnais agus Cille Mhoire buannachd à proiseact BT airson càbalan fibre optic an sgaoileadh air feadh Bhreatainn, tha muinntir nan sgìrean sin a rannsachadh ciamar as urrain dhaibh ceanglaichean eadar-lìn nas fheàrr fhaighinn dhaibh fhèin.

Agus ma dh'fhaoidte gum bi muinntir Stafainn ag obair còmhla riutha fhathast - ged a tha BT ag ràdh gum bi iadsan am measg nan coimhearsnachdan a gheibh bann-leathann fìbre optic.

Tha gainnead a' bhainn-leathainn as fheàrr a' fàgail gu bheil e doirbh no do-dhèante do ghnìomhachasan sa cheann a tuath den eilean leasachadh.

Dà Sgeama

Tha amas aig BT agus Riaghaltas Westminster gum bi bann-leathann fìor luath aig 95% de Bhreatainn ro dheireadh 2017.

Tha fhios aig muinntir Ghleann Dail, Bhatarnais agus Cille Mhoire gu bheil iadsan am measg a' 5% den dùthaich nach fhaigh an goireas.

Ged a tha gealltanas ann a-nis gum faigh Stafainn sin air a' cheann thall, tha amharas ann nach e a h-uile duine san sgìre a gheibh buannachd às.

"'S e an suidheachadh a th' ann, tha iad a' dol a chur fibre a dh'ionnsaigh an exchange, ach tha sinn fhathast a' bruidhinn air copair a' dol a-mach dha na sgìrean," thuirt Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach.

"Agus gus an tèid fibre a chur air feadh na sgìre, cha bhi e cho math agus a tha daoine a' sùileachadh," thuirt e.

Tha an t-Urras a' rannsachadh feuch am b' fhiach dhaibh a dhol còmhla ris na sgìrean eile a tha ag amas air bann-leathann fìor luath a chur air dòigh dhaibh fhèin.

"Tha dà sgeama a' dol," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha sgeama BT ann, agus tha sgeama coimhearsnachd ann - agus chan urrainn dhut an dà chuid fhàighinn.

"Ma tha thu a' faighinn sgeama BT ann an coimhearsnachd coltach ris an Taobh Sear, 's e air a dhèanamh suas le 23 bailtean beaga a tha thairis air 's dòcha faisg air 12 no 15 mìle, tha thu a' bruidhinn air aon sgeama, no sgeama eile.

"Ma tha BT a' tighinn a-steach, chan eil e cho soirbh dhut an uairsin sgeama na coimhearsnachd fhaighinn air muin sin," thuirt e.

Tha an t-Urras ag iarraidh air muinntir na sgìre pàipear-sgrùdaidh a lìonadh a dh'innseas dhaibh dè an t-iarrtas a th' ann, ann a bhith a' roghnachadh na slighe as fheàrr air adhart.

"Bidh feadhainn a' faighinn an rud a tha iad a' faighinn an-dràsta. Cha bhi e idir idir eadar-dhealaichte seach an rud a th' aca an-dràsta," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"So feumaidh sinn adhartas a dhèanamh, 's feumaidh sinn beagan rannsachaidh a bharrachd a dhèanamh air ciamar as urrainn dhuinn seo a chur air dòigh.

"Ach chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh mura seall daoine gu bheil iad ga iarraidh, 's gu bheil feumalachd ann airson leithid de ghoireas," thuirt e.