Ospadal air fad fosgailte

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Thàinig an galair air 51 euslainteach uile gu lèir, le ceithir uardan gan dùnadh do dh'euslaintich ùra.

Chaidh an uard mu dheireadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a bha dùinte ri linn Noro-Bhìorais fhosgaladh a-rithist.

Bha ceithir uardan dùinte do dh'euslaintich ùra, an dèidh dhan ghalar nochdadh annta.

Thàinig an galar air 51 euslainteach uile gu lèir.

Aig aon àm chaidh an t-ospadal gu lèir a dhùnadh do luchd-tadhail.

Chaidh na h-uardan a chumail dùinte gus nach robh cùisean ùra sam bith den ghalar a' nochdadh annta an dèidh ùine shònraichte.

Chaidh na uardan an uair sin a dhìan-ghlanadh, agus tha am fear mu dheireadh dhiubh a-niste air fosgladh do dh'euslaintich ùra agus luchd-tadhail.