Casaid èigneachaidh ann an Gordonstoun
- Air fhoillseachadh

Thàinig e am follais gu bheil neach eile a bha na sgoilear ann an Gordonstoun ann am Moiribh air a dhol gu na Poilis co-cheangailte ri casaidean ionnsaighean drabasta eachdraidheil.
Tha seo aig an aon àm sa tha neach eile a bha na sgoilear innte air a ràdh ris a' BhBC gun deach a h-èigneachadh-sa le tidsear nuair a bha i san t-seann sgoil ullachaidh aig Gordonstoun, Taigh Obar Labhair.
Tha Ceit (chan eil am BBC airson gun tèid a h-aithneachadh) ag ràdh gun do dh'èignich tidsear i ann an 1990 's iad air turas campachaidh nuair a bha i 12 bliadhna de dh'aois.
Chaidh i gu na Poilis leis na casaidean dà bhliadhna air ais, ach chaidh a' chùis a leigeil às nuair a tharraing fianaisiche an cunntas aice-se aig a' mhionaid mu dheireadh.
Tha Ceit a-nis air a dhol an lùib bhuidheann de sheann sgoilearan a tha ag iarraidh gun tèid laghan co-dhearbhaidh na h-Alba atharrachadh.
Tha iad cuideachd a' cur ìmpidh air an sgoil dèiligeadh ris an iomadh chasaid bhurraidheachd agus droch dhìol a tha air ceann a thogail.
Thuirt Gordonstoun gun robh iad airson taic a thoirt dha daoine air an deach ionnsaigh a thoirt agus gun robh iad a' cuideachadh nam Poileas le an rannsachadh.
Thuirt iad cuideachd gun robh iad airson dèiligeadh ri cùis sam bith de dhroch dhìol eachdraidheil ann an dòigh cho fosgailte 's a ghabhas.
Dhearbh Poilis na h-Alba gu bheil neach eile a bha na sgoilear air a dhol thuca sna làithean mu dheireadh co-cheangailte ri cùis eachdraidheil ann an Gordonstoun.