Plana 'son sgoil ùir ga ghairm a-steach
- Air fhoillseachadh

Chaidh plana airson sgoil ùr a thogail san Eilean Sgitheanach a ghairm a-steach le Riaghaltas na h-Alba.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson ceithir bun-sgoiltean air taobh siar an eilein a dhùnadh agus tè ùr a thogail nan àite ann an Dùn Bheagain.
Chuir pàrantan cuid den chloinn an aghaidh nam molaidhean 's iad ag ràdh gum biodh astar fada aig a' chloinn ri ghabhail dhan sgoil a h-uile là.
Chuir iad às leth na Comhairle nach robh iad a' gabhail feairt air draghan dhaoine san sgìre.
Fo na planaichean dheadh bun-sgoiltean Dhùn Bheagain, an Aodainn Bhàin, a' Chuic Bhric agus an t-Sruthain a dhùnadh agus dheadh sgoil choimhearsnachd mhòr a thogail ann an Dùn Bheagain.
Tha cead aig ministearan Albannach planaichean a ghairm a-steach ma tha iad den bheachd gun do dh'fhailich air an ùghdarras ionadail cumail ri Achd Sireadh Bheachd nan Sgoiltean.
Le a bhith a' dèanamh sin tha an Riaghaltas a' cur stad - rè ùine - air a' phlana na sgoiltean a dhùnadh.
Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd, Alasdair Christie, gun robh an t-ùghdarras a' cur fàilte air cothrom dearbhadh gun deach an conaltradh a dhèanamh ann an dòigh cheart.
Thuirt e gun robh a' Chomhairle gu math làidir den bheachd gun robh buannachdan mòra foghlaim agus coimhearsnachd rim faighinn bho a bhith a' togail sgoil ùir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 Am Màrt 2015
- Air fhoillseachadh27 An Gearran 2014