Binn air peinnseanair son bàs an Urr. Mhic na Ceàrdaich

Kelman Edwards
Image caption Bhuail Kelman Edwards an accelerator an àite na brèig.

Chuirear òrdugh smachdachaidh air fireannach a dh'adhbhraich bàs mhinisteir eileanaich ann an Dùn Èidean le bhith a' dràibheadh gun chùram.

Chaidh Kelman Edwards, 78, cuideachd a chasg bho a bhith a' dràibheadh airson ceithir bliadhna.

Dh'aidich Edwards roimhe gun do dh'adhbhraich e bàs an Urramaich Tòmas Mac na Ceàrdaich, a chuir bliadhnaichean seachad ann an Leòdhas 's a bha a' fuireach sna Hearadh.

Bha Edwards air an nighean aige fhàgail aig Stèisean Rèile Waverley air an 19mh dhen Chèitean an-uiridh.

Bha bacadh tèarainteachd ùr air an t-slighe a bha e an dùil a ghabhail agus le sin cho-dhùin e a dhol air ais suas chun a' phrìomh rathaid gun tionndadh.

Nuair a ràinig e an rathad chuir e a' chas air an accelerator an àite na brèig.

Chaidh an car aige tarsaing an rathaid aig astar a' bualadh ann am Mgr Mac na Ceàrdaich agus an uair sin ann am bus air taobh thall an rathaid.

Nuair a ghluais Edwards an car aige air adhart bhuail e anns a' mhinistear a-rithist.

Image caption Bha an t-Urramach Tòmas Mac na Ceàrdaich air Drochaid Waverley nuair a thachair an tubaist.

Bha Mgr Mac na Ceàrdaich air a bhith ann an Dùn Èideann aig Àrd-Sheannadh Eaglais na h-Alba.

Bhàsaich e aig làrach na tubaiste.

A thuilleadh air a bhith air a chasg bho a bhith a' dràibheadh fad ceithir bliadhna chaidh Edwards a chasg cuideachd bho a bhith a' fàgail a dhachaigh air an oidhche fad sia mìosan.