Mì-thoileachas mu aiseag Loch Baghasdail

Cidhe Loch Baghasdail
Image caption Chaidh am bàta a Bharraigh oidhche Mhàirt, ach cha deach i a Loch Baghasdail.

Tha muinntir Uibhist a Deas mì-thoilichte le mar a tha Cal Mac a' dèiligeadh ris an aiseag eadar an t-Òban, Loch Baghasdail agus Bàgh a' Chaisteil nuair a tha droch shìde ann.

Chaidh am bàta a Bharraigh oidhche Mhàirt, ach chaidh an t-aiseag gu Loch Baghasdail a chur dheth tràth air an là.

Chaidh seòladh a bharrachd, a bha cuideachd an urra ris an aimsir, a chur air Caolas Bharraigh airson na carbadan agus daoine a bha a' siubhail a dh'Uibhist a chur a-null.

Chaidh buidheann airson Luchd-Cleachdaidh Aiseagan Loch Baghasdail a stèidheachadh bho chionn mìos no dhà, agus tha iadsan a'togail ceist carson nach urrainn am port sin a chleachdadh ann an droch thìde, agus ag ràdh gu bheil an eaconamaidh ionadail a' fulang ri linn.

Diombach

"Fhuair sinn aithisg aig toiseach na bliadhna seo ag ràdh gun robh còrr is dàrna leth na h-ùine a bha an aiseag eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban - no an t-Òban gu Loch Baghasdail - nach fhaigheadh daoine air seòladh airson diofar adhbharan," thuirt fear de bhuill na buidhne, Aonghas MacIlleMhaoil.

"Ri linn 's gun robh i làn, no ri linn droch shìde. Ach còrr is an dàrna leth - 53% den ùine - chan fhaigheadh tu bucadh idir air an t-slighe a bha sin.

"Tha daoine ann an Uibhist a' gabhail iongnadh dè an dòigh 's gun tèid i a Bhàgh a' Chaisteil 's nach tèid i a Loch Baghasdail?

"'S ann aig an sgiobair a tha sin, agus tha mi cinnteach gu bheil deagh adhbhar aige, ach bu chòir dha innse do dhaoine dè an dòigh 's nach do ghabh e dèanamh.

"Agus rud eile nach eil daoine a' tuigsinn, carson, ma tha thu ag iarraidh aiseig eadar an t-Òban agus Loch Baghasdail, nach fhaigh thu a Loch Baghasdail aig deireadh an là.

"Ma tha an t-sìde cho dona 's nach gabh i seòladh, bu chòir dhaibh a chur dheth treis gus an socraich an t-sìde, no gun atharraich a' ghaoth no ge b' e dè a tha a' cur dragh orra, agus daoine a leigeil dhan phort dha bheil iad ag iarraidh.

"Nam biodh tu an Glaschu agus ag iarraidh trèana a Dhùn Èideann, agus nam fàgadh iad an dàrna cuid ann am Peairt thu, no an Obar Dheathain, cha bhiodh daoine ach gu math diombach," thuirt e.

Thuirt Calmac ris a' BhBC gur ann aig an sgiobair a-mhàin a tha an co-dhùnadh gun a dhol a Loch Baghasdail ri linn na droch aimsire.