Iomairt cheannaich choimhearsnachd am Barraigh

  • Air fhoillseachadh
Bàgh a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,
Dheadh an togalach a chleachdadh mar ghoireas coimhearsnachd.

Tha dòchas ann am Barraigh agus Bhatarsaigh gun gabh seann taigh agus ionad an dotair ann am Bàgh a' Chaisteil a cheannach dha na h-eileanaich.

Tha na h-uimhir de ghoireasan coimhearsnachd san togalach mar thà, agus tha eagal ann gun tèid an call ma thèid an taigh a reic ri ceannaiche prìobhaideach.

Tha a' bhuidheann 'Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh' air ath-chuinge a thòiseachadh ag iarraidh taic an t-sluaigh agus iad an dùil tagradh airson taic-airgid.

'S ann le Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a tha an togalach.

"Tha sinn gu math dòchasach gun gabh seo a dhèanamh," thuirt Stiùiriche na buidhne, Dòmhnall MacLeòid.

"Tha sinn airson tomhas a dhèanamh air dè an tacsa a tha sa choimhearsnachd airson a dhèanamh.

"Agus ma tha tacsa gu leòr ann tha sinn an dòchas gun tèid e air n-aghaidh, air sàilleabh, 's e call mòr a bhiodh ann nan deadh a reic gu prìobhaideach 's nach biodh e ach na thaigh a bha falamh a' mhòr-chuid den ùine.

"Tha e aig mullach na sràide, 's tha e ann am fìor dheagh àite, nam biodh companaidh feumach air oifisean," thuirt e.

Tha a' bhuidheann an dùil an t-àite a chleachdadh mar àite far am faigheadh daoine sa choimhearsnachd cothrom air oifisean no rùmaichean airson tachartasan agus an leithid.

Chan eil a' bhuidheann cinnteach aig an ìre seo dè chosgadh an togalach.